Ƶapp

Pròiseactan san Òban is ann am Muile a’ faotainn taic bhon Mhaoin Meadhan Baile

’S urrainn do Chomhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid dearbhadh gu bheil dà phròiseact san Òban agus fear ann am Muile air pàirt den £1.2 millean fhaighinn a tha ri fhaotainn bhon Mhaoin Meadhan Baile aigRiaghaltas na h-Alba.

’S iad na trì pròiseactan ann an sgìre an Òbain, Latharna is nan Eilean a gheibh taic: Ionad Achadh na Creige san Òban, soidhnichean mìneachaidh ann am Meadhan Baile an Òbain, agus a’ chiad ìre de leasachaidhean air Caladh is Raon Poblach Thobar Mhoire.

Gheibh na trì pròiseactan maoineachadh a tha air ainmeachadh san Liosta Phròiseactan airson na Maoine Calpa Meadhan Baile aig Riaghaltas na h-Alba, aithisg a chaidh air beulaibh coinneamh den làn Chomhairle o chionn ghoirid.

Tha an naidheachd an-diugh a’ tighinn às dèidh mar a chaidh fhoillseachadh air a’ mhìos sa chaidh gun d’ fhuair ochd pròiseactan eile air feadh Earra-Ghàidheal is Bhòid taic bhon mhaoin.

Gheibh Ionad Achadh na Creige £90,000, agus gheibhear £44,000 airson nan soidhnichean mìneachaidh ann am Meadhan Baile an Òbain. Gheibhear £150,000 airson a’ chiad ìre de na leasachaidhean air Caladh is Raon Poblach Thobar Mhoire.

Thuirt an Comhairliche Elaine Robasdan, Cathraiche Comataidh Sgìre an Òbain, Latharna agus nan Eilean: “Bheachdaich sinn gu mionaideach air ciamar as fheàrr as urrainn dhuinn feum a dhèanamh den mhaoineachadh seo airson OLE, agus dh’aontaich na buill uile air a’ chomataidh sgìreil gum bu chòir taic-airgid a thoirt do na trì pròiseactan seo. Seo agaibh naidheachd mhath dha-rìribh airson sgìre OLE agus tha mi a’ coimhead air adhart ri bhith a’ faicinn mar a thig na pròiseactan seo gu buil. Le sùil air thoiseach, coimheadaidh sinn a-nis air tobraichean maoineachaidh eile a dh’fhaodadh a bhith ann gus leasachadh a dhèanamh air Lann-cluiche Mossfield san Òban.”

*This press release is also available in English, at /news/2019/jul/oban-and-mull-projects-benefit-town-centre-fund

Did you find what you were looking for?

Why wasn't this information helpful

Limit to 250 characters.