·¬ÇÑÊÓƵapp

A’ Chomhairle A’ Dèanamh Adhartais Le A Plana Gàidhlig

Tha Comhairle Earra Ghàidheal is Bhòid a’ dèanamh adhartais is i a’ lìbhrigeadh a Plana Gàidhlig.

Chaidh fios a chumail ri buill den Chomataidh air Seirbheisean Coimhearsnachd air an obair a rinneadh gu ruige seo leis a’ chomhairle agus a com-pàirtichean is iad a’ brosnachadh ìomhaigh na Gàidhlig agus a’ toirt ionnsachadh is cleachdadh na Gàidhlig am feabhas.

Thuirt an Comhairliche Robin MacMhuirich: “Tha mise fìor thoilichte leis an adhartas a th’ ann gu ruige seo airson builean a’ Phlana Ghàidhlig againn a choileanadh.

“Chaidh am plana seo a dhealbhadh a rèir Plana Nàiseanta na Gàidhlig, agus tha àireamh de ghnìomhan na chois a fhreagras ri feuman nan daoine, nam buidhnean is nan coimhearsnachdan far a bheil a’ Ghàidhlig fìor chudromach nam beatha làitheil.

“Tha a’ Ghàidhlig glè chudromach ann an eachdraidh Earra Ghàidheal is Bhòid agus tha sinn fhèin an geall air a’ Ghàidhlig a brosnachadh.â€

To read this press release in English, visit: www.argyll-bute.gov.uk/news/gaelic/2019/sep/council-makes-positive-progress-gaelic-language-plan

Did you find what you were looking for?

Why wasn't this information helpful

Limit to 250 characters.